visualizaciones de letras 195

I Ho Ro 'S Na Hug Oro Eile

Margaret Stewart

I horó 's na hug óro éile
I horó 's na hug óro éile
I horó 's na hug óro éile
Gur tu mo luaidh, ri m' bheò cha cheil mi

Nuair a bha mi'm chaileag ghòrraich
Thug mi gaol is gràdh don òigfhear
Air a bheil a' phearsa bhòidheach
S cha ghràdhaich mi ri m' bheò fear eile

Chaidh mi choill nan crann 's nan gallan
Chuir mi sùil am fiùran maiseach
B'ann an glasachu nam bùthan
A thug mi rùn don diùlnach fhearail

Meur as grinn' air peann a sgrìobhas
'S a chur gleus air teudan fìdhle
'S e do cheòl a thogadh m'inntinn
An uair a bhithinn sgìth fo smalan

Do chùl dualach cuachach bòidheach
Falt do chinn mar it' an lòin duibh
Do dhà ghruaigh air dhreach nan ròsan
Is iad fo dhealta ceò na maidne

Tha do chalpa cuimir dìreach
Mar bhradan aibhne ruith gu fìorghlan
'S gura fìor gun tug mi luaidh dhut
A-measg na bheil de shluagh air thalamh

Ach tha mis' an duil 's an dòchas
Gun tig an là 's am bi sinn còmhla
'S ma bhios tusa dìleas dhòmhsa
Cha ghràdhaich mi ri m'bheò fear eile

I horó 's na hug óro éile
I horó 's na hug óro éile
I horó 's na hug óro éile
Gur tu mo luaidh, ri m' bheò cha cheil mi


Comentarios

Envía preguntas, explicaciones y curiosidades sobre la letra

0 / 500

Forma parte  de esta comunidad 

Haz preguntas sobre idiomas, interactúa con más fans de Margaret Stewart y explora más allá de las letras.

Conoce a Letras Academy

¿Enviar a la central de preguntas?

Tus preguntas podrán ser contestadas por profesores y alumnos de la plataforma.

Comprende mejor con esta clase:

0 / 500

Opciones de selección