
Gur e Mo Rùn An Dòmhnallach
Mary Jane Lamond
Chi mi soitheach air a' chuan
Gur fada bhuam a' sheòlas I
Hug hoirionn o, ro huiribh o
Gur e mo rùn an dòmhnallach
Hug hoirionn o, ro huiribh o
'Se mo leannan tha ga stiùireadh
'Sneachd' air chùl a dhòrnannan
I air luchdachadh gu trom
Air bhàrr nan tonn a sheòlas I
Air a luchdachadh le sìoda
Lìonmhor pìos tha dhòmhsa dheth
Cha tèid mise thaigh an dannsa
Teann a bhios an ceòl orm
Cha tèid mise 'thaigh an luaidh
Cha bhi mo luaidh ri òran ann
Muladach mi 'dìreadh bruthach
'S gun mo phiuthar còmhla rium
Muladach mi tighinn gu baile
'S gun mo leannan còmhla rium



Comentarios
Envía preguntas, explicaciones y curiosidades sobre la letra
Forma parte de esta comunidad
Haz preguntas sobre idiomas, interactúa con más fans de Mary Jane Lamond y explora más allá de las letras.
Conoce a Letras AcademyRevisa nuestra guía de uso para hacer comentarios.
¿Enviar a la central de preguntas?
Tus preguntas podrán ser contestadas por profesores y alumnos de la plataforma.
Comprende mejor con esta clase: