
Smeòrach Clann Dòmnaill
Rachel Walker
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó
Hoilibheag hilibheag hó ró i
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi
Smeòrach mis' air ùrlar Phaibil
Crùbadh ann an dùsal cadail
Gun deòrachd a théid nas fhaide
Truimid mo bhròin thòirleum m' aigne
Smeòrach mis' air mullach beinne
'G amharc gréin is speuran soillear
Théid mi stòlda chòir na coille
Bidh mi beò air treòtas eile
Ma mholas gach eun a thìr féin
Cuim' thar éis nach moladh mise?
Tìr nan curaidh, tìr nan cliar
An tìr bhiadhchar fhialaidh mhiosail
Measg Chlann Dòmhnaill fhuair mi m' altrum
Buidheann nan seòl 's nan sròl daithte
Nan long luath air chuantan farsaing
Aiteam nach ciùin rùsgadh ghlas lann
Na fir eòlach stòlda stàideil
Bha 's a' chòmhstri stròiceach scaiteach
Fir gun bhròn gun leòn gun airtneul
Leanadh tòir, is tòir a chaisgeadh
Buidheann mo ghaoil nach caoin caitean
Buidheann nach gann greann san aisith
Buidheann shanntach 'n àm bhith aca
Rùsgadh lann fo shranntraich bhratach



Comentarios
Envía preguntas, explicaciones y curiosidades sobre la letra
Forma parte de esta comunidad
Haz preguntas sobre idiomas, interactúa con más fans de Rachel Walker y explora más allá de las letras.
Conoce a Letras AcademyRevisa nuestra guía de uso para hacer comentarios.
¿Enviar a la central de preguntas?
Tus preguntas podrán ser contestadas por profesores y alumnos de la plataforma.
Comprende mejor con esta clase: