visualizaciones de letras 261

An Ubhal As Airde

Runrig

Comhla rium
A tha thu an drasd
Mo shuilean duinte, mo chuimhne dan
Nam sheasamh a' coimhead
Gach cnoc is gach traigh
Is an siol a dh'fhag thu ann a 'fas

Tha an garradh lan
Le craobhan treun
Le meas a' fas dhuinn ann ri bhuain
Ubhlan abaich
Milis geur
Ach tha aon ubhal nach ruig sinn idir air

Seididh gaoth is dearrsaidh grian
Tro mheas nan craobhan lin gu lin
Ach thig an la is thig an t-am
Airson an ubhal as airde
Air a' chraobh a bhuain

Is co 'nar measg
A mhaireas la
Seachad air am is air oidhche fhein
A liuthad uair
A shreap mi suas
Airson an ubhal as airde chur gu beul

Seididh gaoth is dearrsaidh grian
Tro mheas nan craobhan lin gu lin
Ach thig an la is thig an t-am
Airson an ubhal as airde
Air a' chraobh a bhuain


Comentarios

Envía preguntas, explicaciones y curiosidades sobre la letra

0 / 500

Forma parte  de esta comunidad 

Haz preguntas sobre idiomas, interactúa con más fans de Runrig y explora más allá de las letras.

Conoce a Letras Academy

¿Enviar a la central de preguntas?

Tus preguntas podrán ser contestadas por profesores y alumnos de la plataforma.

Comprende mejor con esta clase:

0 / 500

Opciones de selección